Tubaist bhus ann an Leòdhas

Chiadh 11 duine a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh oidhche Ardaoin an dèidh tubaiste le bus air Mòinteach Bharbhais.

Thàinig am bus aig Galson Motors far an rathaid mu dhà mhìle tuath air Newmarket.

Thuirt na Poilis gun robh deigh air an rathad.

Chaidh na buidhnean èiginn a ghairm mu 10:00f an dèidh dhan bhus, a bha a' dèanamh air Nis, a dhol far an rathaid gu tur.

Bha deichnear luchd-siubhail air bòrd, agus chaidh iad sin agus an draibhear a thoirt gu Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh airson gun deadh deuchainnean meidigeach a dhèanamh orra.

Ghoirtich boireannach, 17 bliadhna de dh'aois, a druim.

Chaidh triùir eile a ghoirteachadh, ach cha deach iad sin a leòn gu dona.

Fhuair iad uile a-mach às an ospadal, ach a-mhàin an deugaire.

Dh'iarr na Poilis air dràibhearan a bhith faiceallach aig an àm seo den bhliadhna leis gu bheil cunnart ann gum bi deigh air na rathaidean.