Tesco air "fulang" bho dhìth rathaid

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh, Tha Tesco a' diùltadh airgead a chur ri rathad ùr a dhèanadh ceangal eadar Rathad Durais agus an A82.

Thuirt a' chompanaidh Tesco gun tàinig call ionmhais orra ri linn is nach deach ceangal-rathad a thogail an iar air Inbhir Nis fhathast.

Dh'èirich eas-aonta eadar Tesco agus Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh Tesco a bhith a' cur ri cosgais pròiseict an rathaid.

Dh'fhosgail Tesco bùth air Rathad Durais an Inbhir Nis ann an 2011.

Deich bliadhna ron a sin, bha a' chompanaidh air ainm a chur ri aonta-dealbhachaidh ri Comhairle na Gàidhealtachd gus £340,000 a chur ri pròiseict ceangal-rathad Inbhir Nis, às dèidh dhaibh bùth fhosgladh air Rathad Durais.

Tha sgioba-lagha Tesco ag ràdh ge-tà, gun robh e sgrìobhte sa chùmhnant gum feumadh an rathad a bhith air a thogail ro 2011.

A bharrachd air sin, tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad air fulang.

Thuirt iad gun do chaill iad "tòrr a bharrachd na £300,000" leis gun deach luach na làraich aca air Rathad Durais sìos, air sgàth is nach do thog Comhairle na Gàidhealtachd an ceangal-rathad a rèir a' chlàir-ama a bha iad air aontachadh leotha.

Tha Tesco 'son an gnothach a thoirt gu ceann gun sgillin ruadh a thoirt gu Comhairle na Gàidhealtachd.

Dh'iarr ceannardan na Comhairle coinneamh leis a' chompanaidh airson a' chùis a dheasbad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh