Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Jimmy Savile

Thuirt Rùnaire na Slàinte, Jeremy Hunt, gur dòcha gun tèid rannsachaidhean a dhèanamh ann an ospadail eile mar phàirt den sgrùdadh mu ionnsaighean drabasta le Jimmy Savile aig làraichean leis an NHS. An-dràsta tha na Poilis a' rannsachadh ann an trì ospadail - Broadmoor, Stoke Mandeville agus Leeds General - agus ann an deich ionadan eile, hospice nam measg. Thuirt Mgr Hunt gu bheil tuilleadh fiosrachaidh air togail ceann.

Madeleine McCann

Tha poilis Bhreatannach a tha a' rannsachadh mar a chaidh Madeleine McCann a dhìth ann am Portagal bho chionn sia bliadhna ag iarraidh air a' phoball an cuideachadh ainm a chur ri duine a tha iad ag ràdh a tha cudromach anns an sgrùdadh aca. Bidh dà dhealbh "e-fit" aca den aon duine ann an aithris air a' phrògram Crimewatch a-nochd. Thèid na dealbhan fhoillseachadh anns a' Ghearmaillt, an Òlaind agus ann an Èirinn cuideachd.

Seòmraichean-Stiùiridh

Thòisich am Ball-Pàrlamaid Lib-Deamach air Ghàidhealtachd, Danny Alexander, iomairt airson stad a chur air an oidhirp a tha e ag ràdh a th' aig Riaghaltas na h-Alba seirbheisean poilis agus smàlaidh a tharraing gu meadhan na h-Alba. Tha ath-chuingean aige airson taic a chur ri bhith a' cumail seòmraichean-stiùiridh nam Poileas agus Seirbheis-Smàlaidh ann an Inbhir Nis. Tha an t-Seirbheis-Smàlaidh air innse mar thà gu bheil iad a' beachdachadh air àireamh nan seòmraichean-stiùiridh a lùghdachadh bho ochd gu còig airson airgead a shàbhaladh. Tha aithrisean ann a-nis gu bheil an aon seòrsa plana aig na Poilis. Chuir Mgr Alexander, a tha cuideachd na Àrd-Rùnaire ann an Roinn an Ionmhais ann an Westminster, às leth nan Nàiseantach gu bheil iad a' feuchainn ri seirbheisean a thoirt air falbh bhon Ghàidhealtachd.

Bàs Peinnseanair

Thug Poilis Siorrachd Iorc an Iar, balach 10 bliadhna de dh'aois an grèim co-cheangailte ri bàs fireannaich, 79, ann an Leeds. Chaidh carbad-eiridinn a ghairm gu sgìre Harehills an-dè airson cobhair a dhèanamh air peinnseanair a bh' air a ghoirteachadh mu a cheann. Thugar gu Ospadal Leeds e far an deach dearbhadh gun robh e air bàsachadh.

An NHS

Bu chòir barrachd a bhith air a dhèanamh airson gum bi an NHS a' toirt an aon ìre de sheirbheis seachad aig deireadh na seachdaine 's a tha tron t-seachdain, a rèir Ministear Slàinte na h-Alba. Tha tuilleadh fianais a' tighinn am follais a tha a' dèanamh dheth gu bheil barrachd euslainteach a' bàsachadh deireadh na seachdaine na tha tron t-seachdain. A' bruidhinn aig co-labhairt an-diugh, innsidh Ailig Neil mar a tha còig bùird-shlàinte a' leantainn dòighean-obrach eadar-nàiseanta airson dèiligeadh ris an duilgheadas. Geallaidh Mgr Neil gum bi àrd-dhotairean ann an uardan seachd là san t-seachdain.