Prìs dealain "ro ìosal"

Cruinn-ghaoithe
Image caption Fhuair rannsachadh na buidhne Baringa gum feumadh an subsadaidh a bhith tòrr mòr nas àirde mu choinneimh na chosgadh Càbal a' Chuain Sgìth.

Fhuair rannsachadh neo-eisimeileach nach eil a' phrìs ùr a thathas a' moladh airson cumhachd ath-nuadhachail bho thuathan-gaoithe nan Eilean Siar àrd gu leòr airson 's gum b' fhiach càball mòr a chur an sàs fon mhuir airson an cumhachd a thoirt gu deas.

Chaidh ainmeachadh bho chionn còrr is seachdain gun tig àrdachadh air a' phrìs airson gach MW de chumhachd gach uair de thìde airson phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan Siar, ann an Arcaibh agus Sealtainn.

Gheibhear £115 air gach MW an sin, an taca ri £100 anns a' chòrr dhen dùthaich.

Àrdachadh ro bheag

Fhuair sgrùdadh a rinn a' chompanaidh Baringa ge-tà, gum feumadh a' phrìs a bhith na b' fhaisge air £130 mus b' fhiach e càball a chur an sàs.

'S e buille a tha seo dhan fheadhainn a tha a' strì airson a' chàbail.

Thuirt Murchadh Moireach, a tha na eòlaiche air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail, gu bheil e den bheachd gum feumar àrdachadh beag eile iarraidh mu choinneimh nan cosgaisean a bharrachd a th' orra.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil ìmpidh sònraichte a dhìth an-dràsta airson feuchainn ri dèanamh cinnteach gu bheil na cosgaisean a tha gu bhith ann airson ceangal a-steach ris a' Ghriod, gu bheil sin gu bhith aig ìre chothromaich airson gum bi e comasach dhan luchd-leasachaidh anns na h-Eileanan Siar faighinn a-steach agus gun tigeadh an càbal," thuirt e.

Tha dragh ann nach tèid na pròiseactan ath-nuadachail mòra a th' anns an amharc anns na h-Eileanan Siar air adhart mur a tig fuasgladh air suidheachadh a' chàbail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo