Ìomhaigh de chorp Chaoil Àcainn

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Police Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an duine a lorg marbh san uisge faisg air Caol Àcainn.

Tha poilis air a' Ghàidhealtachd air ìomhaigh fhoillseachadh de choltas fireannaich a chaidh a lorg san uisge faisg air Caol Àcainn nas tràithe air a' mhìos.

Fhuaireadh corp an duine Diluain an 9mh den mhìos.

Chan eil na Poilis den bheachd gu bheil dad amharasach mun chùis ach chan eil fhios aca fhathast cò bh' anns an duine.

Thuirt na Poilis gun robh an duine mu 40 is gun robh e còig troighean is naoi òirlich de dh'àirde agus le gruag ghoirid dhonn.

Bha tatù de chrois agus den litir G air a ghàirdean.

Bha bann-dùirn Help For Heroes air, brògan Nike dubh agus bha baga droma Reebok dubh is dearg aige nuair a chaidh a lorg.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh mun chùis brath a chur gu Poilis na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh