Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an diugh fhathast mu na tha an dàn do dh' Alba - bliadhna chun an là - gus an tèid iarraidh air daoine bhòtadh air am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eismeileach. Thuirt am Prìomh Mhinistear gur e clach-mhìle shònraichte a th' ann air an t-slighe a dh' ionnsaigh Alba neo-eismeileach. Ach thuirt a' bhuidheann "Nas Fheàrr Còmhla" nach eil na Nàiseantaich air freagairtean mionaideach a thoirt seachad do cheistean an luchd-bhòtaidh.

Tramaichean

Dhearbh Comhairle Bhaile Dhùn Èideann gum bi an aon phrìs air ticeadan tramaichean a' bhaile sa bhios air a' bhus - sin £1.50 do dh'inbhich agus 70sg do chloinn. Bidh prìs nas àirde ge-tà son daoine a tha a' dèanamh air Ingliston neo dhan phort-adhair.

Lib Deamaich

Innsidh Nick Clegg do cho-labhairt a' phàrtaidh aige ann an Glaschu an diugh nach biodh piseach idir air a tighinn air an eaconomaidh mur b'e gu bheil na Lib Deamaich anns a' cho-bhanntachd. Na òraid an diugh tha dùil gun can ceannard nan Lib Deamach gur e am pàrtaidh aigesan a-mhàin a bhios comasach an dùthaich a chumail air an t-slighe cheart.

Tubaist

Tha aithrisean a' tighinn a-steach mu thubaist rathaid gu math dona ann an Lodainn an Ear. Tha seirbheisean-èiginn a' dèiligeadh le tubaist eadar càr agus bus ann an Dunbar. Chaidh brath a chur gu na seirbheisean-èiginn aig 1015, ach chan eil fhios aig an ìre seo co mheud duine a tha an lùib na tubaist, neo an deach duine a ghoirteachadh.

Siria

Chuir an Ruis às leth luchd-rannsachaidh armaichte nan Dùthchannan Aonaichte gun do dh' fhoillsich iad aithisg taobhach mu armachd cheimigeach Shiria. Thuirt Leas Mhinistear Cèin na Ruis gun tug riaghaltas Shiria fianais dha gur e na reubaltaich 's chan e feachdan Assad a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh cheimigaich air iomall Dhamascus air a' mhìos a chaidh.

Airgead fuadain

Tha na poilis air grèim fhaighinn air na mìltean de notaichean de dh'airgead fuadain an dèidh iomairt ann an Glaschu agus Siorrachd Adhar. Chaidh rannsachadh a dhèanamh air dà thogalach ann an Glaschu agus aon taigh ann am Preastabhaig agus fhuair na poilis còrr air £50,000 ann an airgead fuadain. Chaidh dithis fhireannach aois 35 agus 39 agus boireannach 43 a chur an grèim ann an co-cheangal ris a' chùis.

Caol Àcainn

Dh'fhoillsich na poilis air a' Ghàidhealtachd ìomhaigh de choltas fireannaich a chaidh a lorg san uisge faisg air Caol Àcainn nas traithe air a' mhìos. Chan eil na poilis den bheachd gu bheil càil amharasach mu bhàis, ach thuige seo, chan eil duine air a thighinn air adhart a tha ag aithneachadh an duine. Tha iad ag ràdh gu bheil e mu 40, ma chòig troigh agus naoi oirlich, le falt goirid dubh air. Chithear an ionmhaigh air làrach-lìon a' BhBC.