Atharrachadh air foghlam aig CnES

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Cha rachadh duine a chur às an dreuchd ri linn nan atharrachaidhean.

Mhol Stiùiriche Foghlaim Comhairle nan Eilean Siar cruth-atharrachadh a thoirt air Rionn an Fhoghlaim is Seirbheisean Cloinne.

Ann an aithisg tha e a' moladh ceannas nas soilleire is ro-innleachd nas fheàrr gus piseach a thoirt air foghlam is seirbheisean cloinne sna h-Eileannan an Iar.

An-dràsta, tha aon cheannard os cionn an dà phàirt den roinn.

Fon atharrachadh tha Stiùiriche ùr an Fhoghlaim aig a' Chomhairle a' moladh gum bi ceannardan fa leth air Seirbheisean Cloinne agus Foghlam.

Thathas an dòchas gun toir seo ceannas is ro innleachd nas soilleire air an roinn.

Cha tèid duine a chur às an dreuchd ri linn nan atharrachaidhean, agus cha chosg iad ach £1,500 ma thèid iad a chur an gnìomh an ath-bhliadhna.

Tha dùil gun toir na th' anns an amharc piseach air adhartas ann am Beurla is Matamataig le oifigich a' toirt barrachd taic do sgoiltean gus sin a choileanadh.

Tha na h-aonaidhean ciùird is luchd-obrach a' dèanamh measadh air na h-atharrachaidhean an-dràsta, agus tillidh iad le an cuid bheachdan aig deireadh na mios.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile