Obair a' tòiseachadh air aiseag ùr Steòrnabhaigh

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an t-aiseag ùr an àite an Isle of Lewis an ath-bhliadhna

Tha dùil gun tòisich obair Diluain air an aiseag ùr a thèid an àite an Isle of Lewis an ath-bhliadhna.

Bidh an t-aiseag ùr, an MV Loch Seaforth, a' tòiseachadh air slighe Ulapuil as t-samhradh 2014.

Thathas ga togail ann an gàrradh Flensburger anns a' Ghearmailt.

Bidh an t-aiseag air chomas 1700 neach-siubhail agus 143 càr a ghabhail.

Tha dùil gum bi i mu 10% nas luaithe na an Isle of Lewis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh