Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Post-Rìoghail

Dhearbh an Riaghaltas gun tèid tòiseachadh an ceann beagan sheachdainnean air am Post Rìoghail a reic ris an roinn phrìobhaitaich le cothrom aig luchd-obrach a' phuist, am pobal agus buidhnean eile air earrannan a cheannach. Chan eil e follaiseach dè uimhir den t-seirbheis a thèid a reic ach thuirt an Riaghaltas gun tèid a' mhòr chuid dheth a reic. Tha an Riaghaltas ag ràdh gum feum iad seo a dhèanamh gus am bidh am Post Rìoghail air chomas farpais anns a' mhargaidh ach tha na h-aonaidhean na aghaidh gu mòr. Tha aonadh an CWU a' cumail baileat airson stailc.

Siria

Rinn Ceann-suidhe na Ruis, Vladimir Putin, tagradh pearsanta ri sluagh nan Stàitean Aonaichte mun t-suidheachadh ann an Siria. Thuirt Mgr Putin ann an artaigil dhan New York Times gun dèanadh ionnsaigh armaichte Ameireaganach air Siria sgrios air òrdugh agus lagh eadar-nàiseanta. Tha oifigich às Ameireaga agus an Ruis a' coinneachadh ann an Geneva an diugh a bhruidhinn air plana na Ruis airson armachd cheimigeach Shiria a chur fo smachd eadar-nàiseanta.

Farchluais

Thuirt buidheann phàipear-naidheachd a' Mirror gu bheil poilis a' rannasachadh chasaidean mu fharchluais air fònaichean aig a' bhuidhinn. Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil an sgrùdadh a' feuchainn ri dearbhadh a bheil coire air a' chompanaidh airson dòighean-obrach mì-laghail a thathas a' fàgail air feadhainn a bha ag obair dhan bhuidhinn aig aon àm.

Referendum

Bidh deasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba feasgar air a' bhile a tha ag ullachadh airson an referendum air neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna. Tha a' Phàrlamaid a' cur taic anns an fharsgaingeachd ris a' bhile ach thèid e fo thuilleadh sgrùdaidh mus tèid a stèidheachadh san lagh.

Colla 's Tiriodh

Tha muinntir Cholla 's Thiriodh a' gearan mun t-seirbheis aiseig a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' cur romhpa airson airson a' Gheamhraidh. Chan eil ach beagan 's còig seachdainean gus an tòisich seirbheis a' Gheamhraidh ach chan eil clàr-ama Cholla 's Thiriodh air làraich Chal Mac fhathast agus chan urrainn mar sin do dhaoine tiocaidan a cheannach. Agus bheir Cal Mac an Clansman far na slighe airson a' mhòr-chuid den Gheamhradh, leis an Hebridean Isles a' dol na h-àite, rud nach eil a' còrdadh ris na h-eileanaich.

Urras Ceann a Tuath na Hearadh

Fhuair Urras Ceann a Tuath na Hearadh còrr 's £500,000 bhon Chrannchar Nàiseanta airson ionadan gnìomhachais ùra a thogail air an Tairbeart agus dh'fhaodadh uimhir ri trì cosnadh deug a chruthachadh an sin . Tha an t-urras fhathast ge-tà a' coimhead airson tuilleadh airgid airson a' phròiseict a thoirt gu buil 's tha iad an dòchas gum bi e deiseil an ath-bhliadhna.