Crann-gaoithe Oighreachd Ghabhsainn

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Thathas an dòchas gum bi trì crainn ann air a' cheann thall.

Tha a' chompanaidh Enercon air tòiseachadh air crann-gaoithe a thogail air Oighreachd Ghabhsainn.

Seo a' chiad phàirt de leasachadh aig Urras Oighreachd Ghabhsainn anns am bi trì crainn air a' cheann thall.

Thathas an dòchas gun toir iad mòran airgid a-steach dhan choimhearsnachd.

Bha obair mhòr ann fad bhliadhnaichean gus a' phòiseict a thoirt gu buil.

"Thòisich sinn ann an 2005 - chan eil daoine a' tuigsinn an ùine a tha e a' toirt", thuirt fear de stiùirichean an urrais, Tormod MacThòmais.

Socair

Thathas an dòchas - ma dh'fhuireachas a' ghaoth socair - gun tèid an obair a chrìochnachadh aig deireadh na seachdain seo.

Bidh ùine ann an uairsin mus tèid leasachadh a bharrachd a dhèanamh.

"Bidh timcheall air bliadhna ann mus tig an darna tè suas.

"Bidh sinn a' faicinn ciamar a dh'obraicheas a' chiad tè agus às dèidh sin thig sinn às dèidh a dhà eile", thuirt Mgr MacThòmais.

Thuirt e gun tòisich airgead a' sruthadh air ais dhan choimhearsnachd an ceann bliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh