Caol Bhòid is Bail' Ùr an t-Slèibh

  • Air fhoillseachadh
A' Chuairt Dheireannach ann an 1924
Fo-thiotal an deilbh,
Chluich na sgiobaidhean an aghaidh a' chèile sa chuairt dheireannaich an toiseach ann an 1905. Seo am People's Journal bho chuairt dheireannach 1924 is Caol Bhòid a' buannachadh 2-1 an aghaidh Bhail' Ùr an t-Slèibh san darna gheama, is na sgiobaidhean co-ionnan 3-3 an toiseach. Taing do Stòras Ùisdean MhicIllinnein son an deilbh.
An Fhùirneis
Fo-thiotal an deilbh,
An Fhùirneis, a bhuannaich Cupa na Camanachd ann an 1923 gun tadhal idir a chall san fharpais. Cha deach sin a dhèanamh a-rithist gu 2013 is Am Bail' Ùr a-nise air àite a choisinn dhaibh fhèin anns na leabraichean eachdraidh còmhla ris an Fhùirneis.
Fo-thiotal an deilbh,
Ghabh Caol Bhòid is Bail' Ùr an t-Slèibh grèim bhàis air iomain anns na 1970'an. Chluich iad an aghaidh a chèile sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ochd tursan eadar 1970 is 1980. Seo Neil Blair, Aonghas MacRath is Kerr Crawford. Taing do dh'Uisdean MacIllinneinn agus tasglan Dhòmhnaill MhicAoidh son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Bail' Ùr an t-Slèibh le Cupa na Camanachd - agus an còrr - ann an 1975. Rinn iad a' chùis 1-0 air Caol Bhòid san darna gheama, is a' chiad gheama air crìochnachadh 3-3. Taing do dh'Uisdean MacIllinneinn agus tasglan Dhòmhnaill MhicAoidh son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Caol Bhòid le Cupa na Camanachd aig Pàirc a' Bhught ann an 1976 às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air a' Bhail' Ùr 4-2. Taing do dh'Uisdean MacIllinneinn agus tasglan Dhòmhnaill MhicAoidh son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Cuairt dheireannach 1978 - Dàibhidh Ritchie is Kerr Crawford. Bhuannaich Am Bail' Ùr 3-2. Taing do dh'Uisdean MacIllinneinn agus tasglan Dhòmhnaill MhicAoidh son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
B' ann an 1980 mu dheireadh a chluich na sgiobaidhean sa chuairt dheireannaich. Seo an sgioba à Caol Bhòid a rinn a' chùis an là sin 6-5, direach mar a bha e nuair a shoirbhich iad an aghaidh Inbhir Aora ann an 2012. Taing do Stòras Uisdean MhicIllinnein 'son an deilbh.
Fo-thiotal an deilbh,
Sgiobairean na bliadhna seo; Jamie Robinson à Bail' Ùr an t-Slèibh is Robbie MacLeòid à Caol Bhòid. Dealbh bho Chomann na Camanachd.
Fo-thiotal an deilbh,
Agus 's e Jamie a thàinig am bàrr - Am Bail' Ùr a' buannachadh 3-0 is Jamie fhèin a' faighinn duais shàr-chluicheadar an là. Dealbh bho Chomann na Camanachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh