Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Sultain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cosnadh

Bha àrdachadh 10,000 gu 203,000 air an àireamh dhaoine gun chosnadh ann an Alba anns na trì mìosan gu deireadh an Iuchair. Ach tha sin 19,000 nas lugha na bh' ann aig an aon àm an-uiridh. Tha ìre cosnaidh na h-Alba aig 7.4% nas ìosaile na tha àireamh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir aig 7.7%. Tha an àireamh a tha gun chosnadh air feadh Bhreatainn sìos mu 24,000 gu 2.49 muillean

Bùithean mòra

Tha coltas nas fheàrr air eaconomaidh nam bùithean mòra ann an Alba a thuirt gur e an Lùnasdal am bliadhna, an Lùnasdal a b'fheàrr a bh' aca ann an ceithear bliadhna. Chaidh mòran a bharrachd de bhiadh a reic na bha dùil.

Buidseat

Bidh Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, ag innse an diugh mu phlanaichean buidseat an riaghaltais SNP suas gu 2016 nuair a dh'fhaodadh Alba a bhith neo-eisimeileach, ma thèid bhòtadh airson sin anns an referendum an ath-bhliadhna. Thuirt Mgr Swinney gur e buidseat airson neo-eisimeileachd a bhios ann.

Siria

Tha coimisean bho na Dùthchannan Aonaichte ag ràdh gu bheil dearbhadh le cinnt aca air ochd cùisean far an do rinn riaghaltas Shiria mòr-mhurt. Tha deasbad eadar na Stàitean Aonaichte, an Ruis, an Fhraing agus Breatainn a' cur maille air moladh bhon UN mu armachd cheimigeach Shiria.

Fo-thaghadh

Dh'innis Oifigear Riaghlaidh Pàrlamaid na h-Alba, Tricia Marwick, gur ann Diardaoin an 24mh den Damhair a bhios fo-thaghadh ann do sgire Dhùn Phàrlain. Dh'fhàg ball na sgìre sin, Bill Walker, a dhreuchd an dèidh a dhìteadh airson sreath de chasaidean mu dhochann san dachaidh air triùir de na mnathan a bha aige agus air boireannach eile.

Delhi

Tha neach casaid poblach anns na h-Ìnnseachan ag iarraidh binn bàis air ceathrar dhaoine a fhuaireas ciontach an-dè fo chasaid gun do dh'èignich agus gun do mhurt iad boireannach òg ann an Delhi an-uiridh. Thèid binn a chur orra Dihaoine.

Bàta ùr

Bidh bàta bathair ùr a' tòiseachadh air an t-seirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul air a' mhìos seo an àite a' Muirneag. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air bàta nas ùire agus nas motha, an Clipper Ranger, fhasdadh. Thèid am bàta sin a chleachdadh gus an tòisich an Loch Seaforth ùr air an t-slighe ro deireadh na h-ath bhliadhna.