Taisbeanadh Thòrr Bheathain

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Dave Fergusson
Fo-thiotal an deilbh, Thèid cur às dhan raon-goilf a th' ann son leigeil le ceangal rathaid ùr an iar air Inbhir Nis a dhol air adhart.

Chaidh planaichean son ath-leasachadh air raon-goilf Thòrr Bheathain ann an Inbhir Nis a thaisbeanadh dhan t-sluagh.

Feumar an raon-goilf a ghluasad gus leigeil le ceangal rathaid ùr an iar air Inbhir Nis a dhol air adhart.

An toiseach cha robh Comhairle na Gàidhealtachd am beachd ach raon-goilf ùr a thogail, ach tha iad a-nise am beachd ionad mòr spòrs a chruthachadh.

A bharrachd air raon le 18 tuill, àite deasachaidh is togalach ùr dhan chluba, bhiodh pàircean spòrs ùra, slighean ùra agus togalaichean le sèomraichean deasachaidh nam pàirt den leasachadh.

Bhiodh leudachadh air Cladh Chill Bheathain mar phàirt den phròiseict cuideachd.

Thathas a' tomhais aig an ìre seo gun cosgadh a' phròiseact suas ri £9.5m.

Tha co-chomhairleachadh air na planaichean a' tighinn gu ceann aig deireadh na mìos is tha iad dùil gun tèid cead-dealbhachaidh a shireadh san t-Samhain.

Chaidh na planaichean a thaisbeanadh aig Eaglais Chinn a' Mhìlidh Diciadain is faodar sùil a thoirt orra air làrach-lìn na comhairle.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh