Dragh mu phrothaidean chompanaidh ola

Tanca airson ola-teasachaidh
Image caption Tha DCC a' dèanamh dheth gur e fuachd a' gheamhraidh a thug àrdachadh air na prothaidean aca

Tha luchd-poileataics agus buidhneann a tha a' strì an aghaidh bochdainn connaidh a' càineadh na companaidh ola DCC às dèidh mar a dh'èirich na prothaidean aca 56%.

'S ann le DCC a tha na companaidhean Scottish Fuels agus Brogan a tha a' cumail ola-teasachaidh ri dachannan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Sheall cunntasan na companaidh gun do rinn iad prothaid de £111m an uiridh.

Tha iad a' dèanamh dheth gur e fuachd a' gheamhraidh a bh' air cùl an àrdachaidh.

Chàin ball-pàrlamaid Earra-Ghàidheal 's Bhòid Ailean Reid na prothaidean, ag radh gu bheil iad "maslach".

Tha e ag iarraidh air Oifis na Malairt Cothromaiche sgrùdadh a dhèanamh air na tha e a' cosg do dhaoine ann an sgìrean iomallach na dachannan aca a theasachadh.