Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt an Sealsalair Seòras Osborne, gu bheil ceistean mòra ann a-niste mu àite Bhreatainn anns an t-Saoghal, an dèidh do Thaigh nan Cumantan bhòtadh an aghaidh an Riaghaltais, a bha ag iarraidh taic airson ionnsaigh armaichte air Siria. Chaidh a' bhòt 285 gu 272, an aghaidh an Riaghaltais. Chaidh 30 duine de na buill Tòraidheach, agus naoinear Lib-Deamach, an aghaidh na Co-bhanntachd. Thuirt Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, a dh'aindeoin sin, nach fhaod Breatainn sluagh Shiria a thrèigsinn, agus thuirt e gum feum cuideam poileataigeach a chur air a' Cheann-suidhe Assad.

Agus dh'innis a' Ghearmailt an-diugh, nach gabh iadsan pàirt sam bith ann an ionnsaigh le armachd air Siria.

Thug Oifis na Dùthcha rabhadh do Bhreatannaich an aghaidh siubhail dhan Lebanon, agus dragh ann mu ghamhlas do dhùthchanan an taobh siar, le coltas gum faodadh fhathast ionnsaigh armaichte a thoirt air Siria.

Heileacoptairean

Tha cuid de sheòrsa heileacoptair Super Puma a' tòiseachadh a' siubhail a-rithist gu clàran-ola is gas a' Chuain a Tuath an-diugh. Chaidh na heileacoptairean sin a thoirt a-mach à seirbheis an dèidh na tubaiste far Shealtainn an t-seachdain seo chaidh anns an deach ceathrar a mharbhadh. Cha bhi cead aig an t-seòrsa L2 de na heileacoptairean, an seòrsa a bh' anns an tubaist seachdain bho an-diugh, luchd-siubhail a ghiùlain.

Bàli

Cha do shoirbhich idir le boireannach à Breatainn le tagradh an aghaidh binn bàis airson a bhith ri cùiltearachd dhrogaichean ann an Indonèisia. Chaidh Lindsay Sandiford à Gloucestershire a chur an grèim aig Port-adhair Bàli anns a' Chèitean an-uiridh, le 5cg de chocaine anns a' bhaga aice. Chaidh binn bàis oirre anns an Fhaoilleach.

Bochdainn Chloinne

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil millean gu leth leanabh a bharrachd beò ann am bochdainn anns an Rìoghachd Aonaichte na bha bho chionn 40 bliadhna. Tha Biùro Nàiseanta na Cloinne ag ràdh, mur a tèid cur às do mhì-chothromachd eadar beartas agus bochdainn gum bi clann ag èirigh suas ann an siostam de sgarradh sòisealta.

An A9

Coinnichidh buidheann bhon Eaglais Shaoir ri Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, an ath-sheachdain, a dh'iarraidh air rathad an A9 a thoirt gu dà-fhillteachd cho luath 's a ghabhas dèanamh. Chuir ministearan litir gu Mgr Brown bho chionn ghoirid, agus iad ag ràdh gu bheil fada cus call beatha air an rathad eadar Peairt agus Inbhir Nis.