Tuathanach ciontach de dhrabastachd

Niall Caimbeul Image copyright Northpix
Image caption Bha Niall Caimbeul fo chasaid gun tug e ionnsaighean air balaich aig an tuathanas aige.

Chaidh tuathanach às an Eilean Sgitheanach fhaighinn ciontach de shreath ionnsaighean drabasta air balaich nas òige na 16.

Thug Niall Caimbeul, 69, na h-ionnsaighean air na balaich air an tuathanas aige ann an Tàlasgair eadar 1995 agus 2011.

Bha Caimbeul air a dhol às àicheadh nan casaidean, ach fhuair diùraidh ann an Inbhir Nis ciontach e gu h-aona-ghuthach de còig de na casaidean, agus le mòr-chuid air dà chasaid eile.

Chuir an Siorram Jamie MacGilleChrìosta, binn dheth gu ruige 26mh an t-Sultain, 's e a' feitheamh air aithisgean cùl-fhiosrachaidh.

Chuala a' chùirt gun do thachair na h-ionnsaighean aig diofar amannan eadar 21mh am Màrt 1995, agus 19mh am Faoilleach 2011, an dà chuid air tuathanas a' Chaimbeulaich, agus ann an àiteachan eile.

Chlàr gach cuid fear-lagha an dìon Bill Adam, agus fear-lagha na casaid Stiùbhart MacÌomhair, làmh-sgrìobhainn a bha ag innse gun robh iad ag aontachadh gun robh gnothach aig mar a chaidh an Caimbeulach a ghoirteachadh mu a cheann o chionn ùine, 's a bh' air buaidh a thoirt air pàirtean de a eanchainn a tha co-cheangailte ri comasan smaoineachaidh, a phearsa, agus earbais.

Às dèidh dhaibh breith a thoirt seachad, chaidh innse don diùraidh gun robh an Caimbeulach air a bhith air a chur air clàr nan drabastairean roimhe airson ionnsaigh air ban-dhotair anns a' Chèitean 2007.

Leig an Siorram MacGilleChrìosta leis a' Chaimbeulach fhathast a bhith saor air urras, ach chuir e a-rithist ainm ri clàr nan drabastairean.