Comataidh Pàrlamaid a' tadhail air Gleann Lìobhait

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
fo-thiotal an deilbhTha an oighreachd air a ruith le Coimisean Oighreachd a' Chrùin.

Tadhlaidh buill de Chomataidh Chùisean Dùthchail Pàrlamaid na h-Alba air oighreachd Ghlinn Lìobhait ann am Moireibh Dimàirt, 's iad gu bhith a' coimhead, am-measg eile, air mar a ghabhas smachd cumail air fèidh air a' Ghàidhealtachd.

Tha an oighreachd air a ruith le Coimisean Oighreachd a' Chrùin, 's tha fear-gairm na comataidh, am ball Nàiseantach Rob Gibson, ag ràdh gum bi iad a' toirt sùil cuideachd air obair a' Choimisein air an fhearann.

Ann am brath-naidheachd, thuirt a' chomataidh gun robh iad airson beachd fhaighinn dhaibh fhèin air mar a ghabhas rian cumail air àireamhan nam fiadh, mar a ghabhas coilltean stiùireadh, agus obair an àiteachais leudachadh.

Bidh sùil gheur aca cuideachd air Coimisean Oighreachd a' Chrùin, agus ceist mhòr mun choimisean sin an-dràsta, le mòran airson a chuid chumhachdan a roinn a-mach dha na coimhearsnachdan.

Tha Mgr Gibson a' togail ceist co-dhiù bu chòir don Choimisean a bhith a' dèanamh prothaid do Roinn an Ionmhais bho leithid de dh'oighreachd.

Tha Oighreachd Ghlinn Lìobhait air duaisean a bhuannachadh airson an cuid obrach.

Thuirt Mgr Gibson gum bi ùidh aig a' chomataidh ann am beachdan na h-oighreachd, leis gum faodadh i a bhith na h-eisimpleir do dh'àiteachan eile air a bhith a' ruith fearainn mhòintich.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh