An caibineat an Cinn Tìre

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, TheTurfBurner
Fo-thiotal an deilbh,
Coinnichidh an caibineat ann an Talla Cheann Loch Chille Chiarain madainn Diciadain

Gheibh muinntir Chinn Tìre cothrom ministearan Riaghaltas na h-Alba a cheasnachadh is iad a' tadhal air an sgìre an t-seachdain seo.

Tha seo mar phàirt de shreath de thursan bhon chaibineat air feadh na dùtcha tron t-samhradh.

Thòisich na tursan ann an 2007 is bhon uairsin tha ministearan air tadhal air coimhearsnachdan air feadh na h-Alba.

Bha iad ann an Sealtainn agus Hamhaig mar-thà air an t-samhradh seo is thèid iad dhan Bhruaich às dèidh dhaibh tadhal air Cinn Tìre.

Coinnichidh an caibineat ann an Talla Cheann Loch Chille Chiarain madainn Diciadain.

Trath air an fheasgar gheibh an sluagh cothrom ceistean a chur orra aig Talla Bhictoria sa bhaile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh