Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis

Chaidh na ciad thiceadan air a' mhargaidh aig 10:00m an-diugh airson Gheamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu an ath-bhliadhna, agus ged a thuirt an luchd-stiùiridh nach leig a leas cabhag mhòr a bhith ann airson ticeadan, chan eil an làrach-lìn a' dèiligeadh ris an iarrtas a th' ann. Thuirt an luchd-stiùiridh gu bheil iad air ionnsachadh bho na thachair aig na Geamaichean Oilimpigeach ann an Lunnainn an-uiridh, agus gun tèid ticeadan a roinn air dhòigh a bhios cothromach.

An Èipheit

Bha tuilleadh bàis anns an Èipheit, far an deach 24 duine de dh'oifigich phoilis a mharbhadh nuair a thug luchd-gunna ionnsaigh orra ann an sgìre Sinai. Chaidh 36 duine de luchd-taic an t-seann Chinn-Suidhe Morsi a mharbhadh an-dè, faisg air Cairo. Bidh còmhraidhean èiginn anns a' Bhruiseil an-diugh mun t-suidheachadh, agus cuid de na dùthchannan Eòrpach ag iarraidh stad a chur air an taic-airgid dhan Èipheit.

Peru

Tha dùil ri gluasad ann am Peru an-diugh anns a' chùis-lagha an aghaidh an Albannaich Melissa Reid a tha fo amharas mu chùiltearachd dhrogaichean. Thèid a' chùis gu Oifis an Luchd-Casaid gus an tèid casaidean gu foirmeil an aghaidh Melissa Reid agus a caraid Michaella McCollum às Èirinn. Chaidh luach £1.5m de chocaine fhaighinn anns na bagannan aca.

Oscar Pistorius

Thèid Oscar Pistorius mu choinneimh na cùirte anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna fo chasaid gun do mhuirt e a leannan Reeva Steenkamp. Chaidh an lùth-chleasaiche à Afraga a Deas a chur fo chasaid gu foirmeil na bu tràithe an-diugh aig cùirt ann am Pretoria, agus chaidh a shaoradh fo urras. Tha Pistorius a' cumail a-mach gur ann gun fhiosta dha a loisg e oirre, agus esan den bheachd gur i cuideigin eile a bh' air briseadh a-steach dha a dhachaigh.

Taighean-Croite

Tha Coimisean na Croitearachd air buidheann-obrach a chur air bhonn, airson sùil a thoirt air Sgeama Taic nan Taighean-Croite. Tha dragh ann mun dòigh anns a bheil Banca Rìoghail na h-Alba a' làimhseachadh na sgeama, agus iarrtas ann cuideachd airson tuilleadh taic-airgid fon sgeama.

Sgeama Dìon Tuiltean

Tha a' chiad earrainn den obair a' tòiseachadh an-diugh air an sgeama airson meadhan Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean. Fhuair a' chompanaidh Morgan Sindall a' chùmhnant airson luach £8.5m de dh'obair a' cur ballachan cloiche ri bruaichean na h-aibhne.