Fèill mhòr air sgeama nan tarbh

Tarbh
Image caption Bha an sgeama ann an cunnart a dhol à bith o chionn beagan bhliadhnaichean.

Tha Riaghaltas na h-Alba air innse gun robh fèill mhòr air sgeama nan tarbh am bliadhna.

Bidh an sgeama a' toirt cothrom do chroitearan tairbh fhaighinn air màl dhan cuid stuic, seach an t-uallach agus a' chosgais a tha an lùib a bhith a' cumail tairbh air na fhearann aca fhèin a bhith orra.

Bha an sgeama ann an cunnart a dhol à bith bho chionn beagan bhliadhnaichean.

Chaidh 103 taibh a chur a-mach air màl an-uiridh, agus tha àireamh na bliadhna seo aig 98.

Reic

Tha an Riaghaltas cuideachd air innse gu bheil iad a' coimhead ri pàirt de thuathanas Chnoc nan Giall, far a bheil sgeama nan tarbh stèidhichte, a reic 's a' phàirc ro chunnartach obrachadh ri linn cho cas 's a tha i.

Bha an croitear Sgitheanach Dòmhnall Dòmhnallach am measg na rinn strì airson an sgeama a chumail, agus tha esan den bheachd gu bheil coltas math air na h-àireamhan bhon Riaghaltas.

"Chanainn gu bheil an aon iarrtas ann, ach chan eil ann ach làithean tràtha fhathast," thuirt e.

"Chan eil thu ach anns an dàrna bliadhna dheth.

"Nan deadh an àireamh sìos, 's e call a bhiodh ann dha na monaidhean, airson tha feum aig a' mhonadh air crodh agus caoraich a bhith air. An dà chuid.

"Chan e dìreach caoraich a-mhàin, ach crodh agus caoraich, airson ithidh an crodh am feur nach ith na caoraich.

"Mur a bi an crodh ann, feumaidh tu rudeigin eile a dhèanamh ris, agus tha call fhèin an lùib sin, ann a bhith ga losgadh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an sgeama seo cugallach fhathast, airson chan eil e gu diofair dè an riaghaltas a th' ann an Dùn Èideann. Chan eil e gu diofair dè an dath a th' orra.

"Ma tha iadsan a' cosg an t-suim-airgid air àite mar a chosg iad air Cnoc nan Giall ann an sin, tha iad a' coimhead ris gum faigh iad air ais e, agus mur a faigh iad air ais air an dàrna dòigh e, gheibh iad air ais air an dòigh eile e - reicidh iad e.

"Bha còir an t-eagal a tha sin a bhith oirnn air cùl ar n-inntinn fad na tìde. Agus a bhith a' cumail cuideim orra an sgeama a tha seo a chumail a' dol," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile