Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Lùnasdal 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Atmhorachd

Thuit ìre na h-Atmhorachd beagan air a' mhìos a chaidh. Bha i 3.1% anns an Iuchar, sìos bho 3.3% san Ògmhios. A rèir Oifis na Staitistig Nàiseanta, ged a tha ìre na h-Atmhorachd air crìonadh, bidh daoine fhathast a' faireachdainn buaidh prìsean ag èirigh.

Bàthadh

Bhàsaich boireannach an dèidh dhi a bhith ann an duilgheadas 's i a' snàmh aig an Tràigh Mhòir eadar Sgarastadh 's na Buirgh anns na Hearadh an-raoir. Fhuair triùir eile cùram san ospadal. Thathas a' tuigsinn gur iad sin an duine aice agus dithis de am mic. Tha iad a-nis air an t-ospadal fhàgail. Bha an teaghlach air saor-làithean anns na h-Eileanan an Iar.

Tom Friseal

Tha Poilis na h-Alba ann an Glaschu a' sireadh fiosrachaidh mu fhireannach nach fhacas bho sheachdain Là na Sàbaid a chaidh. Chaidh Tom Friseal, à Glaschu, ach a bhuinneas do Leòdhas, fhaicinn mu dheireadh mu 2:00f air 4mh an lùnastal aig stèisean-rèile Inbhir Nis. Bha e air a bhith aig Fèis Bhelladrum. Tha Mgr Friseal, aois 19, mu 5'6" de dh'àirde, tapaidh, le falt donn. Bha seacaid uaine agus briogais denim air an turas mu dheireadh a chaidh fhaicinn. Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu dheidhinn a dhol thuca.

Peru

Tha dealbhan bhideo air nochdadh de dheugaire Albannach nuair a chaidh a stad le oifigearan aig Port-Adhair Lima ann am Peru, 's i fo amharas gun robh i a' feuchainn ri luach £1.5m de chocaine a thoirt a-mach às an dùthaich. Thugar Melissa Reid, 19, à Lenzie, agus Michaela Connelly, 20 bliadhna de dh'aois, à Béal Feirste, an grèim, 's iad a' feuchainn ri fhaighinn air bòrd plèana gu Madrid an t-seachdain a chaidh.

Pàipearan Comhairle

Tha Comhairle Obar Dheathain air rannsachadh a thòiseachadh an dèidh mar a chaidh pàipearan obair-shòisealta a lorg ann an sgiop ann an Dùn Dè. Chan eil fhios dè a bha a' fàgail nam pàipearan, co-cheangailte ri aon chùis a-mhàin, ann an sin. Thuirt a' Chomhairle gun robh iad draghail dha-rìribh mu laigsean ann an riaghailtean dìomhaireachd an ùghdarrais.

Margaidh nan Taighean

Tha prìsean thaighean, agus iarrtas airson taigheadais fhathast a' dol am meud a rèir Institiùd Rìoghail nan Siorbhaidhearan Cairte. Thuirt aithisg leotha gun robh àrdachadh san àireamh dhaoine a bha airson àite a cheannach anns an Iuchar. Thàinig leudachadh anns a' chuid as motha de sgìrean eile san Rìoghachd Aonaichte thar mhìosan an t-Samhraidh cuideachd.