"Na bithibh a' biadhadh nam faoileag"

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Getty Images
fo-thiotal an deilbhBidh na h-eòin uaireannan a' toirt ionnsaighean air daoine a tha ag ithe.

Chaidh iarraidh air daoine ann am bailtean na Gàidhealtachd gun a bhith a' toirt bìdhe seachad do dh'fhaoileagan.

Tha na h-eòin a' fàs nas dàna agus ann am bailtean mar Inbhir Nis tha iad air a dhol nam plàigh nuair a tha tòrr dhaoine timcheall is biadh ga fhàgail às an dèidh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh cho dona 's a tha cùisean nuair a tha faoileagan a' feuchainn ri biadh fhaighinn, gu h-àraid aig àm neadachaidh.

Bidh na h-eòin a' feuchainn air stuth bho bhinichean agus ag ithe trealaich a tha daoine air fhàgail às an dèidh.

Bidh cuid de dhaoine a dh'aona-ghnothach a' toirt bìdhe dhaibh, 's tha sin a' cur dragh air comhairlichean.

Thuirt cathraiche Sheirbheisean Teicnigeach na Comhairle, Graham Phillips, gun robh e eòlach air duine a chaidh a ghoirteachadh le foaoileag a bha a' feuchainn ri tiop a ghoid a-mach às a bheul.

Tha droch bhuaidh aig na h-eòin cuideachd air togalaichean, 's iad a' togail neadan ann a similearan, agus luidhearan gas.

Dh'iarr a' Chomhairle air gnìomhachasan na bineachan aca a chumail dùinte, agus a bhith a' sgioblachadh sgudail bìdhe sam bith.

Thèid sanasan a chur air binichean ag iarraidh air an t-sluagh gun a bhith a' biadhadh nan eun.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh