Dùil ri dearbhadh air rèidiachd Inbhir Èireann

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh na ceudan phlèanaichean a thiodhlacadh san sgìre às dèidh an Dàrna Cogaidh.

Tha dùil gun tèid crìoch a chur air sgrùdadh a thòisich Dimàirt air truailleadh rèidio-beò ann an Inbhir Èireann ann am Moireibh ro dheireadh na seachdaineach.

Chaidh na ceudan de phlèanaichean a thiodhlacadh anns an sgìre às dèidh an Dàrna Cogaidh, agus tha dùil gu bheil uidheamachd le peanta rèidio-beò anns an talamh.

Chaidh a ràdh an-uiridh gum faodadh daoine a bhith ann an cunnart.

"Dh'fhaodadh e a bhith cunnartach," thuirt an t-eòlaiche saidheans, Murchadh Peutan.

"Tha Radium 226, seo an isotope a tha iad a' cleachdadh anns a' pheanta a tha sin, tha rèidiachd a' fuireach beò ann suas ri 2,000 bliadhna.

"Tha mi cinnteach gur e an cunnart, gum faigh an stuth a tha seo dhan uisge a bhios a' dol dha na taighean 's na h-àiteachan còmhnaidh 's na bùithdean 's gach eile.

"Oir tha an cunnart mòr a tha an lùib stuth rèidio-beò ma gheibh e a-steach dhan bhodhaig agad.

"Agus ma thèid e dhan uisge, seo aon dòigh anns am faod e faighinn a-steach dhan bhodhaig," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh