Comhairle gun chuireadh gu buidhinn ùir aiseagan

Bàt-aiseig
Image caption Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil iad fhathast ag aontachadh riochdachadh na buidhne.

Cha d'fhuair duine bho Chomhairle nan Eilean Siar cuireadh fhathast a bhith air buidheann a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur air chois gus comhairle a thoirt dhaibh mu sheirbheisean aiseig - Buidheann Eòlais nan Aiseagan.

Tha ceist air Cathraiche Còmhdhail na Comhairle, Iain MacAoidh, mu cho eòlach 's a bhios na buill air seirbheisean aiseig.

"Chan eil mise a' smaoineachadh gur e daoine a tha nan suidhe ann an oifisean anns na bailtean mòra againn a tha nan eòlaichean," thuirt e.

"Tha mise a' smaoineachadh gur iad na h-eòlaichean daoine anns na h-Eileanan a tha a' gabhail gnothaich ri luchd-siubhail.

"'S ann dha na h-Eileanan a tha na h-aiseagan a' dol co-dhiù, agus 's e sin na daoine as còir a bhith air.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dhaibh tighinn dhan Chomhairle, agus chun nan eileanan a tha seo, bho Nis gu Barraigh, agus daoine a thoirt air a tha eòlach air na puirt, eòlach air na h-aiseagan.

"'S dòcha gun dèan iad sin, ach cha chuala sinne guth a thaobh cò a tha gu bhith ann. Fhathast co-dhiù," thuirt e.

Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba gun robh iad fhathast ag aontachadh riochdachadh na buidhne, agus nuair a nì iad sin, gun innis iad cuin a bhios a' bhuidheann a' coinneachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile