SAC Chaolas Bharraigh a' dol air adhart

Caolas Bharraigh
Image caption Tha dragh mòr san sgìre gun cuir an SAC bacadh air obair an iasgaich agus croitearachd.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a dhearbhadh gun tèid Sgeama Sònraichte Glèidhte SAC a' stèidheachadh ann an Caolas Bharraigh, a dh'aindeoin iomairt mhòir anns an sgìre a' cur an aghaidh leithid de phlana.

Dh'iarr Ministear na h-Àrainneachd Pòl Wheelhouse ath-sgrùdadh air bunaid saidheansail na sgìre glèidhte.

Tha sin air tighinn air ais gun robh am fiosrachadh saidheinsail air an deach an co-dhùnadh a stèidheachadh làidir.

Thuirt Mgr Wheelhouse an dèidh draghan na coimhearsnachd èisteachd na bu thràithe den bhliadhna mun phlana gun tèid an sgìre SAC a riaghladh ann an dòigh far a bheil a' choimhearsnachd a' stiùireadh gnothaich le eòlas sgìreil.

Lùghdachadh

Chaidh crìochan na sgìre glèidhte atharrachadh cuideachd ri linn draghan na coimhearsnachd, agus cha bhi an Tràigh Mhòr a-niste mar phàirt dhith.

Thèid am plana a-nis a chur air adhart chun a' Choimisein Eòrpaich airson a chur an lùib lìonra de sgìrean SAC air feadh na Roinn Eòrpa.

"Air sgàth cho cùramach 's a tha muinntir an àite air a bhith a' coimhead às a dhèidh fad iomadh ginealach, tha Caolas Bharraigh a-nis na àrainneachd bheartach agus luachmhor, 's e na dhachaigh do dh'àireamhan cudromach de ròin, le sgeirean agus bacan gainnmhich a tha a' cumail iomadh seòrsa creutair beò," thuirt Mgr Wheelhouse.

"Chaidh èisteachd ri draghan na coimhearsnachd mu na planaichean, agus thèid an sgìre glèidhte seo a ruith bho bhun gu bàrr, seach an caochladh, gus am bi pàirt cho mòr 's a ghabhas aig muinntir an àite ann a bhith ga ruith.

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri bhith a' tadhail air an sgìre a-rithist a dh'aithghearr a dheasbad nan ath-cheumanan leis a' choimhearsnachd.

"Chan urrainn do SAC ach cliù Bharraigh mar àite bòidheach a tha cudromach airson nàdair a neartachadh, a' tarraing tuilleadh luchd-turais chun an eilein.

"Tha mi a' tuigsinn gu bheil corra dhragh sa choimhearsnachd mun bhuaidh eaconamaich.

"Tha mi an dòchas gum faigh iad faochadh bhon cho-dhùnadh a rinn mi gun an SAC a sgaoileadh ach air àrainneachadan a bha airidh air, ga lùghdachadh.

"Tha mi cuideachd a' creidsinn gun gabh obair an iasgaich cumail a' dol gu soirbheachail an cois an SAC," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile