Inbhe Gàidhlig do sgoiltean Eileanach?

Sgoil
Image caption Chan eil sgoil sam bith sna h-Eileanan Siar air a comharrachadh mar sgoil Ghàidhlig.

Thuirt Ministear na Gàidhlig ann an Riaghaltas na h-Alba, BPA nan Eilean Siar Alasdair Allan, gum bu chòir coimhead ri cuid de sgoiltean anns na h-Eileanan a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig seach sgoil Ghàidhlig ùr fa leth a stèidheachadh.

Bha Alasdair Allan a' bruidhinn às dèidh do Bhòrd na Gàidhlig a ràdh gum bruidhinn iad ri Comhairle nan Eilean Siar aig coinneamh Dimàirt a thaobh sgoil Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Steòrnabhagh.

A rèir Mhgr Allan ge-tà, bhiodh e na b'fheàrr inbhe ùr a thoirt do sgoiltean far a bheil an cànan làidir mar thà.

"Tha sgoil no dhà anns na h-Eileanan far a bheil faisg air a h-uile duine a' dol tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt Mgr Allan.

Iarrtas

"Agus a' cheist a th' ann airson nan coimhearsnachdan sin agus airson na Comhairle, 's e a bheil sinn ag iarraidh sgoil Ghàidhlig anns na h-Eileanan?

"Chan eil mise a' smaoineachadh gu bheil acras ann airson togalach ùr a bhith ann, no sgoil ùr. Tha togalach ùr no dhà air a dhol suas anns na h-Eileanan mar thà.

"Ach a' cheist, dè seòrsa sgoiltean a tha sinn ag iarraidh. Air mo shon-sa, tha e a' dèanamh ciall anns an àm ri teachd, gum bi inbhe sgoil Ghàidhlig aig na sgoiltean far a bheil faisg air a h-uile duine a' dol tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ma bhios inbhe Sgoil Ghàidhlig aig sgoil, bidh ethos tro mheadhan na Gàidhlig, bidh seirbheisean aig an sgoil tro mheadhan na Gàidhlig, agus bidh a' Ghàidhlig na lingua Franca anns an sgoil.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil iarrtas ann air feadh Alba airson sgoiltean den t-seòrsa seo.

"Ach aig deireadh an là, 's e ceist a th' ann airson na Comhairle agus airson phàrantan, agus airson choimhearsnachdan.

"Tha mise a' smaoineachadh gu bheil eisimpleirean ann an Alba a tha ag obair, far a bheil inbhe sgoil Ghàidhlig ann, ach far a bheil cothrom ann ma tha cuideigin a' gluasad a-steach don sgìre le teaghlach aig nach eil a' Ghàidhlig, gu bheil cothroman ann airson Beurla anns an t-suidheachadh sin.

"Chan eil sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a bhith a' tionndadh dheth seirbheis foghlaim na Beurla anns na sgìrean sin," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile