Àrdachadh air clann tro mheadhan na Gàidhlig

Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig
Image caption Tha am Bòrd a' cur romhpa gun tig dùblachadh air na h-àireamhan ann am P1 ro 2017.

Dh'èirich an àireamh de chloinn a tha ann am P1 tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba.

A rèir aithisg bhliadhnail Bhòrd na Gàidhlig, thàinig àrdachadh 6% air an àireamh tron bhliadhna-sgoile 2012-13.

Mar phàirt de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig, chuir Bòrd na Gàidhlig romhpa gum biodh an àireamh a' dùblachadh bho 400 gu 800 ro 2017.

Thuirt an aithisg gu bheil a-nis 428 pàistean air tòiseachadh tro mheadhan na Gàidhlig air P1.

Tha am Bòrd air aithneachadh anns an aithisg gu bheil mòran obrach fhathast ri dhèanamh, ach thuirt iad gu bheil iad dòchasach gun gabh an targaid coileanadh.

"'S e am prìomh amas a bh' againn, a dhèanamh cinnteach gun robh fàs a' tighinn anns na h-àireamhan a bha ag ionnsachadh Gàidhlig, gu h-àraid aig tràth-bhliadhnaichean," thuirt Ceannard a' Bhùird, Iain Aonghas MacAoidh.

"Air a' bhliadhna seo, air sgàth mar a tha sinn air a bhith ag obair anns an dà bhliadhna a chaidh seachad, tha an àireamh chloinne a tha fo aois sgoile a' dol tro shiostam ionnsachaidh chànain, chaidh e suas seachad air 2,000.

"Agus anns na sgoiltean fhèin, anns na bun-sgoiltean Gàidhlig, tha an àireamh a bu mhotha riamh againn, tha 2,500 leanabh ann.

"Tha àrdachadh a' tighinn aig an ìre sin, agus 's e sin a tha cudromach mu dheidhinn a' phlana a tha seo, gu bheil e a' comharrachadh dè dh'fheumas a bhith air a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gu bheil barrachd dhaoine ag ionnsachadh Gàidhlig na tha sinn a' call gu nàdarra le seann daoine a' falbh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile