Taic ri Oighreachd Bharabhais a cheannach

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, M J Richardson / Geograph
fo-thiotal an deilbhTha an t-Urras air am brosnachadh gu mòr leis a' chunntas bheachd.

Tha croitearan air Oighreachd Bharabhais a' cur taic ri gluasadan airson an oighreachd aca a cheannach.

Tha na h-uachdarain air tairgse an oighreachd a reic riutha.

Tha muinntir na sgìre a-nis air aontachadh gur e an t-urras coimhearsnachd a chaidh a stèidheachadh bho chionn grunn bhliadhnaichean a bheir a' chùis air adhart.

"A rèir nan clàrcaichean a bha a' bruidhinn ris na croitearan anns a' bhaile, cha d'fhuair mi faireachdainn sam bith gun robh duine an aghaidh an Urras a bhith a' dol air adhart agus a' feuchainn ris an oighreachd a cheannach," thuirt fear de stiùirichean an Urrais, Aonghas MacLeòid.

"Bha sinn gu math toilichte gur ann mar sin a bha e, nach robh facal aig duine ri ràdh na aghaidh.

"Bidh sinn a' dol gu fear-lagha, agus bidh sinn a' toirt dha ùghdarrais airson a dhol a bhruidhinn ri Oighreachd Bharabhais.

"Tha mi an dòchas gun tachair sin a dh'aithghearr, agus tha mi an dòchas gum bi an uair sin Aonad an Fhearainn Choimhearsnachd aig HIE a' tighinn air bòrd airson ar treòrachadh air adhart dòigh air choireigin," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh