Cead-dealbhachaidh gan iarraidh airson sgoiltean

Chaidh iarrtasan dealbhachaidh a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd airson trì sgoiltean ùra sa Ghearasdan.

Tha an t-ùghdarras ionadail cuideachd ag ullachadh phàipearan-tagraidh a thèid a sgaoileadh gu companaidhean togail ro dheireadh na mìos.

Cosgaidh e £36m Bun-sgoil Ghàidhlig ùr air Rathad Àrd-Dhobhair sa Chaol, sgoil air Rathad Lunndabhra, agus sgoil eile sa Chaol, a thogail.

Tha dùil gum bi iad uile deiseil sa Chèitean 2016.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile