Fear air tuiteam gu a bhàs san Eilean Sgitheanach

An Stòrr
Image caption Bha an duine a' campachadh le dithis charaidean.

Tha fear a bh' air thuras anns an Eilean Sgitheanach air bàsachadh às dèidh dha tuiteam 600tr le creig.

Thathas a' tuigsinn gun robh am fireannach, a bha 25, a' ruith às dèidh pìos den uidheamachd champachaidh a bh' aige a dh'fhalbh leis a' ghaoith.

thathas a' tuigsinn gun robh an duine air tighinn on Bheilg.

Thachair an tubaist tràth madainn Diluain, aig an Stòrr, ann an Tròndarnais, ann an ceann a tuath an eilein. Bha ceò ann aig an àm.

Chaidh fios a chur air sgioba teasairginn nam beann mu 09:00m.

Chaidh dithis charaidean a bha còmhla ris a stiùireadh far na beinne leis an sgioba theasairginn.