Hearaich a' trod ri lus mòr uabhasach

Gunnera
Image caption Thòisich an lus a' sgapadh a-mach à gàradh duine san eilean.

Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh ag amas air cur às dhan lus mhillteach, Gunnera.

Thòisich an lus, a dh'fhàsas cho àrd ri sia troighean, a' sgapadh san eilean bho chionn bhliadhnaichean a-nise, is tha i a' dèanamh tàire do mhoran.

Tha an lus coltach ri ruadh-bharr, ach mòran nas motha, agus tha bioran air an stoc agus air na duilleagan.

Thòisich e a' sgapadh bho ghàradh duine san eilean, agus a-niste tha e a' fàs ann an iomadach àite.

Cothrom Fàs

Thathas den bheachd nach bi an sìol a bhios e a' cur a' faighinn bàis leis an reothadh, agus sin air fàs nas ainneimhe sna Hearadh.

"Tha e a-nise na thrioblaid mhòir, gu h-àraid timcheall air an Tairbeart, agus gu sònraichte air taobh an ear an Tairbeirt," thuirt Cathraiche Urras Ceann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh.

"Ach tha e air sgapadh an àiteachan eile cuideachd, agus tha mi a' tuigsinn gu bheil e gu math dona shuas ann an Rèinigeadal, agus cuideachd gu bheil e a-nise a' fàs ann an Ceann a Deas na Hearadh, anns an t-Òb.

"'S e lus gu math mòr a th' ann ma gheibh e cothrom fàs, agus gu h-àraid ma gheibh e cothrom fàs ann an talamh a tha freagarach air a shon.

"Tha e a' gabhail thairis, agus tha e a' ciallachadh nach eil rudan eile a' faighinn cothrom fàs.

"Tha sinne air a bhith a' feuchinn ri a phuinnseanachadh sa chiad dol-a-mach. Gheibh thu puinnsean a ghabhas cur air.

"Tha sin air a bhith gu ìre soirbheachail, agus tha sinn air faighin cuidhteas de phàirt dheth.

"Cuideachd dòigh eile a tha soirbheachail, 's e a bhith ga thoirt a-mach às an talamh, ach tha sin uabhasach doirbh, oir ma gheibh e cothrom fàs, tha e a' fàs gu math mòr.

"Tha duilleagan mòra air, agus tha casan a tha gu math garbh cuideachd, agus tha freumhaichean aige a tha a' sgapadh gu math farsainn cuideachd.

"Mar sin tha e glè dhoirbh a bhith ga thoirt às an talamh.

"Cuideachd, as t-Samhradh, bidh cnap mòr de shìol a' fàs na theis-meadhan. Agus ma thèid sin a ghearradh dheth, agus a thoirt às, tha e a' ciallachadh nach fhaigh e air sgapadh, gu sònraichte leis a' ghaoith.

"Ach a-rithist tha sin a' toirt an-àirde mòran ùine, a' dol mun cuairt a' dèanamh sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an dòigh as iomchaidh agus a b'fhasa a dhèanamh, 's e nam faigheamaid barrachd cuideachaidh le bhith ga phuinnseanachadh.

"Agus tha sinn a' dol a dh'fheuchainn ri barrachd dheth sin a dhèanamh anns an ùine a tha romhainn.

"Tha cuid de dhaoine air a bhith a' bruidhinn ri Urras Cheann a Tuath na Hearadh, agus tha iad fhèin deònach a bhith a' toirt seachad an ùine, gu bhith a' feuchainn ri smachd fhaighinn air an lus a tha seo.

"Tha sinn a' dol a dh'fheuchainn am faigh sinn air cuid dhiubh-san a thoirt còmhla airson gun tèid oidhirp nas motha a dhèanamh air faighinn cuidhteas an lus a tha seo mus sgap e nas miosa na tha e.

"Duine sam bith aig a bheil cothrom a dhol an lùib na h-obrach a tha seo, tha còir aca dìreach bruidhinn ri oifis Urras Ceann a Tuath na Hearadh, agus bheir iadsan còmhairle dhaibh air dè bu chòir dhaibh a dhèanamh," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile