Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Iuchar 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Binnean-beatha

Thàinig riaghladh bho Chùirt Eòrpach nan Còirichean Daonna an-diugh gum bu chòir sùil às ùr a thoirt air cùis triùir air an deach dìteadh airson muirt. Tha Jeremy Bamber, Peter Moore, agus Dùbhghlas Vinter ag ràdh gu bheil e borb agus mì-choltach an cumail anns a' phrìosan gun dòchas sam bith air saorsa. Chuir a' Chùirt Eòrpach taic ris a' bheachd sin, 's thuirt iad gum bu chòir a' bhinn orra a bhith air beachdachadh cuideachd air saorsa aig àm air choireigin, agus ath-sgrùdadh air an ùine anns a' phrìosan.

Murt Chorstorphine

Dh'ainmich poilis ann an Dùn Èideann am boireannach a fhuaireas marbh ann an sgìre Chorstorphine air a' mhìos a chaidh. Bha Phyllis Dunleavy 66 bliadhna de dh'aois, agus bhuinneadh i do Bhaile Átha Cliath. Tha a mac, Seumas Dunleavy, a tha 39 bliadhna de dh'aois, 's a tha a' fuireach ann an Dùn Èideann, fo chasaid muirt, agus thèid e mu choinneimh Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann an-diugh.

Am Pàrtaidh Làbarach

Tha dùil ri dearbhadh bho Cheannard nan Làbarach, Ed Miliband, mu atharrachadh bunaideach anns a' chàirdeas eadar am pàrtaidh agus na h-aonaidhean ciùird. Tha seo an dèidh buaireadh mun àite a bh' aig an aonadh Unite anns an taghadh airson tagraiche Làbarach ann an sgìre na h-Eaglaise Brice. Bidh Mgr Miliband a' moladh ann an òraid cuir às don t-siostam far a bheil buill aonaidh aig a bheil dàimh ris na Làbaraich a' pàigheadh mar chleachdadh àbhaisteach dhan phàrtaidh mur a dèan iad follaiseach nach eil iad ag iarraidh sin a phàigheadh. Thuirt an t-seann Phrìomhaire Làbrach, Tony Blair, an-diugh gum bu chòir dhàsan a bhith air sin a dhèanamh nuair a bha esan na cheannard air a' phàrtaidh.

An Èipheit

Tha Ceann-Suidhe eadar-amail na h-Èipheit, Adly Mansour, a' feuchainn ri sìth a dhèanamh le bhith a' moladh taghaidhean ùra tràth an ath-bhliadhna. Thuirt e gun tèid atharrachadh a thoirt air bun-reachd na dùthcha, a tha stèidhichte air bunaid Ioslamach, agus gum bi referendum ann air an atharrachadh sin an taobh a-staigh ceithir mìosan.

An Griod Nàiseanta

Chaidh rabhadh gu bheil maill a' dol air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail le mì-chinnt mu dè an ìre aig an tèid cosgais a stèidheachadh airson a bhith a' cur dealain air feadh a' Ghriod Nàiseanta. Thuirt Aquamarine Power, aig a bheil plana airson innealan cumhachd anns a' mhuir far chladach Leòdhais, gum feum riaghladair a' chumhachd Ofgem cabhag a dhèanamh le co-dhùnadh air a' phrìs. Tha Ofgem a' coinneachadh an t-seachdain seo a dheasbad na cùise.