HHP ag iarraidh tuilleadh taic

Taigheadas
Image caption Bha am Ministear a' tadhail air Steòrnabhagh Dimàirt.

Chaidh iarraidh air ministear taigheadais na h-Alba, Mairead Burgess, coimhead air am b'urrainn dhi barrachd airgid a thoirt dhan bhuidhinn Com-pàirteachas Taigheadais Innse Gall (HHP).

Tha a' bhuidheann a' fulang teachd-a-steach nas ìsle ri linn Cìs nan Seòmraichean Cadail, agus chan eil iad a' faighinn air uiread de thaighean a thogail 's a bu mhiann leotha.

Mhol am Ministear an obair a bha iad a' dèanamh, agus i a' toirt sùil air an obair-leasachaidh air seann Ostal Ghibson ann an Steòrnabhagh airson taighean ùra a thogail Dimàirt.

"Tha e duilich. Tha an t-airgead a' fàs nas teanna gach bliadhna," thuirt fear de bhuill bòrd-stiùiridh HHP, an Comh. Tormod MacLeòid.

Misneachd

"Ach tha sinn uabhasach fortannach. Thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh chuir sinn romhainn aig HHP gun togadh sinn 275 dachaighean ann an deich bliadhna.

"Agus bha e fortannach dhuinn cho math 's a chaidh dhuinn agus mar a fhuair sinn an ionmhas, gun do rinn sinn sin thairis air a' chiad chòig bliadhna.

"Bha sin na mhisneachd mhòr dhan chom-pàirteachas a bh' air ùr-thòiseachadh.

"Tha an t-iarrtas a' fuireach a cheart cho àrd 's a bha e, agus tha sinn a' faicinn tòrr an-diugh a tha ag iarraidh a-steach gu h-àraid ann an Steòrnabhagh fhèin agus meadhan a' bhaile.

"Agus mar sin tha e mar fhiachadh oirnn a bhith a' feuchainn ri talamh a lorg far am biodh e furasta dhuinn taighean a thogail aig prìs reusanta.

"Mar a tha sinn a' faicinn, mar as fhaide a tha sinn a' dol a-mach thairis air na h-eileanan, 's ann nas cosgaile a tha e dhuinn dachaighean a thogail.

"Ach an dèidh sin a ràdh tha sinn an dèidh dachaighean a thogail ann an iomadach pàirt de na h-eileanan, agus tha sin gu bhith a' dol air adhart, ach tha na 's urrainn dhuinn a thogail air a ghearradh sìos gu mòr.

"Tha Cìs nan Seòmraichean Cadail a' tòiseachadh air buaidh a thoirt air na daoine a th' againn anns na dachaighean.

"Tha sinn a' faicinn, anns na trì mìosan bho thòisich a' chìs, gu bheil còrr math air 60 duine nach eil a' pàigheadh càil idir.

"Tha e glè dhuilich dha feadhainn de na daoine a th' air sochairean sin a phàigheadh.

"Tha sin a' dol a dhèanamh trioblaidean dha HHP ma leanas e air mar sin, airson mur a bheil iadsan a' faighinn ionmhais a-steach, tha e gu bhith glè dhuilich dhaibh an uair sin 's dòcha na taighean a chumail aig ìre, agus eadhon a dhol air adhart airson dachaighean ùra a thogail.

"Feumaidh sinn cuimhneachadh gur e uachdaran sòisealta ùr a th' ann an HHP, a thòisich bho chionn beagan bhliadhnaichean, agus mar sin dheth nach eil stòras mòr aca air a chur mu seach airson dèiligeadh ri tòrr fhiachan.

"Tha sinn an dèidh a bhith a' bruidhinn ris a' Mhinistear a' faicinn a bheil dòighean ann anns am faigheadh sinn cuideachadh a thaobh ionmhais airson cuideachadh le bhith a' cumail nam fiachan sìos," thuirt e.