Allan airson coinneachadh ri SSE

Càbal-dealain fon mhuir
Image caption Tha an càbal riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-eileanan.

Sgrìobh BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu SHE Transmission a' faighneachd carson nach do chuir iad gu leòr fiosrachaidh mu Chàbal a' Chuain Sgìth gu Riaghladair a' Chumhachd, Ofgem.

Bha Ofgem a' càineadh na companaidh airson cho lag 's a bha an t-iarrtas a chuir iad a-steach.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Scottish and Southern Energy (SSE) cantainn aig co-labhairt an Steòrnabhagh sa Chèitean gun robh a h-uile càil deiseil aca airson a chur gu Ofgem.

Thuirt Mgr Allan gun robh e cuideachd airson coinneachadh ris a' chompanaidh.

"Gu mì-fhortannach tha Ofgem gu math cinnteach nach eil am fiosrachadh aca a tha iad ag iarraidh, agus nach eil an tairgse làidir gu leòr," thuirt e.

"Aig deireadh an là, 's e an rud a tha cudromach gu bheil rudeigin a' tachairt leis a' chàbal.

"Agus air sgàth sin bidh mi ag iarraidh coinneimh le SSE a-rithist, agus a' faighneachd cuin a bhitheas iad a' feuchainn tairgse a chur ri chèile an ath-thriop, agus an dòchas nach bi sinn a' feitheamh fada air a shon," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile