Drochaid Cheasaig fosgailte

Tha dà thaobh Dhrochaid Cheasaig a-niste fosgailte air fad, às dèidh obair-càraidh a mhair ceithir mìosan.

Tha a' chiad earrainn den obair, airson uachdar ùr a chur air an taobh den drochaid a tha a' dol gu tuath, air tighinn gu crìch.

Thèid an aon rud a dhèanamh air an taobh eile den drochaid, a' dol gu deas, an ath-bhliadhna, le dùil gun lean an obair sin cuideachd fad ceithir mìosan.

Chan eil dùil gum bi obair mhòr eile sam bith a dhìth air an drochaid fad 30 bliadhna.