Cathraiche ùr air Stòras Uibhist

Suaidheantas Stòras Uibhist Image copyright other
Image caption Tha seachdnar air bòrd Stòras Uibhist.

Chaidh Seonaidh MacIlleMhaoil a thaghadh mar chathraiche ùr air a' chompanaidh choimhearsnachd Sealladh na Beinne Mòire agus 's i Sarah NicEachain a bhitheas a' gabhail os làimh an dreuchd mar iar chathraiche.

Tha an dithis aca air a bhith nan stiùrichean air a' chompanaidh bho cheannaich a' choimhearsnachd oighreachd Uibhist a Deas is Èirisgeidh.

Thòisich dithis stiùrichean ùra - Nial Caimbeul agus Katag NicDhòmhnail 's bidh iadsan ag obair còmhla ri Seòras MacAmhlaigh, Stefan MacAmhlaigh agus Màiri Schmoller a bharrachd air a' chathraiche is iar-chathraiche ùr.

Cheannaich a' choimhearsnachd an oighreachd ann a 2006 - an oighreachd coimhearsnachd as motha an Alba.