Binn 18 bliadhna sa phrìosan do mhurtairean Liam Aitchison

Stefan Millar agus Jonatan MacFhionghuin Image copyright BBC Alba
Image caption Chaidh an dithis às àicheadh nan casaidean.

Cuiridh Ionatan MacFhionghain agus Stefan Millar co-dhiù 18 bliadhna seachad sa phrìosan airson murt an deugaire Liam Aitchison.

Chaidh an dithis fhaighinn ciontach nas tràithe air a' mhìos airson an gille à Uibhist a mhurt.

Chaidh corp Liam a lorg ann an seann togalach ann an Stèinis, air iomall Steòrnabhaigh anns an t-Samhain 2011.

Bha e air a bhith air a dhroch dhochann, air a shàthadh le sgithinn, agus air fhàgail leth-rùisgte.

Cionntach

Chuala a' chùirt gun deach an triùir a-mach air a chèile agus MacFhionghain is Millar a' dèanamh a-mach gun do ghoid Liam botal aftershave, 's gun robh iad a' sabaid mu dheidhinn, ach gun do dh'fhàg iad Liam 's e a' dèanamh air taigh caraid.

Chaidh Ionatan MacFhionghain agus Stefan Millar às àicheadh nan casaidean murt, ach fhuaireadh iad ciontach le diùraidh san Àrd-Chùirt ann an Glaschu nas tràithe air a' mhìos.

Anns an Àrd-Chùirt ann an Dùn Eideann Dihaoine, thuirt am Morair Kinclaven gun robh MacFhionghain agus Millar air beatha Liam a ghoid, agus gun do dh'fhàg seo a theaghlach ann an suidheachadh dòireannach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile