Sgioba nan Eilean Siar le èideadh nan geamaichean

Air fhoillseachadh
tùs an deilbh, Brighter Still
fo-thiotal an deilbhÈideadh ùr sgioba nan Eilean Siar

Ghabh sgioba nan Eilean Siar ceum eile air an t-slighe gu Geamaichean Eileanach 2013 an t-seachdain seo nuair a fhuair iad èideadh ùr.

Fàgaidh an sgioba Alba air an 10mh den Iuchar is tòisichidh an fharpais air an 13mh.

Gabhaidh 24 sgioba pàirt as nan geamaichean, nam measg 3 bho Alba, na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Tha aon atharrachadh air sgioba nan Eilean Siar.

Chaidh Stiùbhart Chalmers a bhios a' ruith san 400m a ghoirteachadh agus thèid Iain Townsend na àite.