Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mandela

Thuirt an Riaghaltas ann an Afraga a Deas gu bheil slàinte Nelson Mhandela air fàs gu math nas miosa. Tha Mgr Mandela, a tha 94, fìor ìosal anns an ospadal ann am Pretoria. Chuir an Ceann-Suidhe, Jacob Zuma, turas oifigeil gu Mosambìog, an darna taobh. Thuirt luchd-naidheachd a' BhBC ann an Afraga a Deas gu bheil na h-aithrisean seo a' cur taic ris a' bheachd gu bheil Mgr Mandela air leabaidh a' bhàis.

Crìonadh

Tha figearan ùra, an dèidh ath-sgrùdadh, ag ràdh nach do dh'fhuling eaconamaidh Bhreatainn an darna crìonadh air a' chiad thrì mìosan an-uiridh. Tha Oifis an Staitistig Nàiseanta ag ràdh gu bheil iad air na figearan atharrachadh bho chrìonadh fìor bheag gu eaconamaidh nach robh a' gluasad. Thuirt an Oifis gu bheil an eaconamaidh air an t-slighe cheart.

Osborne

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, gum bi cùisean doirbh a thaobh cosgais air seirbheisean poblach, ge bith cò bhuannaicheas aig an ath-thaghadh coitcheann. Thuirt Mgr Osborne cuideachd nach urrainn dha gealltainn nach bi àrdachadh cìse ann fhathast, agus thuirt e nach e iomairt 'son an taghaidh a bh' anns an ath-sgrùdadh air cosgais a bha aige an-dè ach pàirt cudromach de phlana an riaghaltais 'son ath-bheòthachadh a thoirt air an eaconamaidh. Tha Àrd Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, ag innse an-dràsta fhèin mu phlana an riaghaltais 'son £100bn a chosg air sgeamaichean cumhachd agus còmhdhail.

Pòsaidhean gèidh

Thèid lagh ùr fhoillseachadh aig Holyrood an-diugh a bheireadh cead do chupaill gèidh pòsadh ann an Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba airson pòsaidhean gèidh a cheadachadh, gun a bhith a' toirt air eaglaisean is buidhnean creidmheach eile pòsadh gèidh a dhèanamh an aghaidh an toil.

Referendum

Gabhaidh a' Phàrlamaid ann an Holyrood an-diugh ri bile a bheir bhòt do dh'òigridh aig 16 agus 17 ann an referendum neo-eisimeileachd na h-Alba an ath-bhliadhna. Tha a h-uile coltas ge-tà gun tèid bhòt anns an referendum a dhiùltadh do phrìosanaich.

Barabhas

Thug uachdaran Oighreachd Bharabhais ann an Leòdhas cothrom do chroitearan na sgìre am fearann a cheannach. Tha mu 300 croitear air an fhearann anns am bheil 18,000 heactair. Chaidh rabhadh a thoirt dhaibh mura gabh iad an cothrom gun tèid an oighreachd air a' mhargaidh fhosgailte.

Uibhist

Tha dragh ann an Uibhist gun tig air daoine a bhith a' siubhal astair fada 'son cunghaidhean-leigheis, agus gun tèid cosnaidhean a chall, ma dh'fhosglas bùth chemist ann am Beinn nam Fadhla. Tha Local Pharmacies Earranta ag iarraidh bùth fosgladh ann am Beinn nam Fadhla agus tha dragh ann gun toir sin droch bhuaidh air na h-ionadan dotair san sgìre a tha a' dèiligeadh ri cungaidhean-leigheis an-dràsta. Bidh conaltradh poblach aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air a' chùis.