Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gearraidhean

Bidh an Seansalair, Seòras Osborne, ag innse an-diugh mar a thèid £11.5bn eile a ghearradh far buidseat roinnean an Riaghaltais airson nan seirbheisean poblach. Thig na gearraidhean gu buil mus bi an ath-thaghadh coitcheann ann an 2015. Tha dùil gun seachainn foghlam agus slàinte na gearraidhean seo. Dh'aidich an Ceannard Làbarach, Ed Miliband, gum biodh buidseatan fìor theann fiù 's nam buainnicheadh na Làbaraich aig an ath-thaghadh.

Siria

Tha àireamhan ùra a' tomhas gun deach còrr is 100,000 duine a mharbhadh ann an Siria bho thòisich an cogadh sìobhalta an sin bho chionn còrr is dà bhliadhna. Tha Buidheann Faire Chòirichean a' Chinne-daonna airson Siria, a tha an aghaidh a' Chinn-suidhe Assad, ag ràdh gu bheil 18,000 reubaltach, agus 40,000 de dh'fheachdan an Riaghaltais am measg na chaill am beatha.

Drochaid

'S e Drochaid Phort na Bàn-righinn ainm na drochaid ùire air Linne Fhoirthe. Ghabh 35,000 duine pàirt ann am bhòt, agus 's e Queensferry Crossing an t-ainm a thagh iad anns a' Bheurla. Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gur e drochaid a bhios innte air am bi ainm le ceanglaichean eachdraidheil. Tha dùil gum bi an drochaid ùr, a chosgas £1.5bn, a' fosgladh ro dheireadh 2016.

Direct Line

Tha a' chompanaidh àrachais Direct Line am beachd 2,000 cosnadh a ghearradh. Tha 16 ionad aig a' bhuidhinn air feadh Bhreatainn, agus 1,000 duine ag obair aca ann an Glaschu. Tha Direct Line air 1,200 cosnadh eile a chur bhuapa o Lùnastal an-uiridh.

Seirbheisean Adhair

Tha seirbheisean adhair eadar a' Ghàidhealtachd agus Port-adhair Gatwick Lunnainn sàbhailte airson ùine, agus EasyJet a' gabhail ri cùmhnant fad còig bliadhna ri Port-adhair Inbhir Nis. Cheannaich EasyJet làraichean a bh' aig Flybe aig Gatwick bho chionn ghoirid, agus bha dragh ann gun sguireadh seirbheisean dhan Ghàidhealtachd.