Seirbheisean Gatwick gan glèidheadh

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Reic Flybe na cothroman aca aig Gatwick ri EasyJet.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh adhair, EasyJet, gu bheil iad a' glèidheadh sheirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Gatwick.

Cheannaich a' chompanaidh na cothroman laighe aig Flybe aig Gatwick 's bha dragh ann gun deadh cur às dha na seirbheisean mochs 's anmoch eadar Gatwick agus prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

A-niste ge-tà, tha EasyJet air dearbhadh gum bi seirbheis aca tràth sa mhadainn agus air an oidhche fo chùmhnant còig bliadhna le port-adhair Inbhir Nis.

Tha dùil gun tèid an clàr-ama ùr fhoillseachadh nas fhaide as t-Samhradh.

Gabhaidh EasyJet na slighean thairis sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh