Slighe an t-Sionnaich Ruaidh

Carragh-cuimhne do Sheumas a' Ghlinne
Image caption Tha bùird-fhiosrachaidh air an t-slighe gus an sgeulachd a mhìneachadh.

Tha murt ainmeil air a' Ghàidhealtachd san 18mh linn a-nise ga chomharrachadh air slighe bhaidhsagalachd ùr eadar An t-Òban is Baile a' Chaolais.

'S gann gum bi duine san sgìre nach eil eòlach air sgeulachd mhurt na h-Apann ann an 1752, nuair a chaidh Cailean Caimbeul - an Sionnach Ruadh - a mharbhadh.

Chaidh fear de mhuinntir an àite, Seumas Stiùbhart - Seumas a' Ghlinne - fhaighinn ciontach den mhurt is chaidh a chrochadh, ged a tha gu leòr ann fhathast a tha a' creidsinn nach robh gnothach aige ris a' mhurt.

Dh'fhàs an sgeulachd ainmeil air feadh an t-Saoghail tron leabhar Kidnapped aig Raibeart Louis Stevenson san 19mh linn.

Ùidh

'S e an ùidh a tha aig daoine san sgeulachd fhathast a thug air Comhairle na Gàidhealtachd is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhol còmhla agus slighe bhaidhsagalachd a chruthachadh.

"Tha an t-slighe seo a' toirt cothrom do dhaoine às an sgìre seo fhèin agus do luchd-turais a dhol air ais ann an tìm mar gum biodh," thuirt fear de chomhairlichean an àite, Brian Murphy.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Iain Mac Phàrlainn ag innse mu mhurt na h-Apann ann an 1752.

"Tha sinn an dòchas gun còrd an t-slighe riutha is gun ionnsaich iad barrachd mu eachdraidh na sgìre," thuirt e.

Uile gu lèir tha sia buird-fhiosrachaidh air an t-slighe gus an sgeulachd a mhìneachadh, is Gàidhlig a' nochdadh orra cho math ris a' Bheurla.

'S e fear le eòlas mòr air eachdraidh is cultar Earra-Ghàidheal, Iain MacPhàrlain, a rinn an teacsa sa Ghàidhlig.

"Bha mise a' smaoineacheadh gun robh e math dìreach Gàidhlig na sgìre a chur a-staigh ann bhon 's e a' Ghàidhlig a bh' aig Seumas a' Ghlinne fhèi'," thuirt Iain.

Salm

"Nuair a chaidh e suas an sgafall leugh e an 35mh salm.

"Nuair a leughas tu sin, chì thu nach robh e ciontach idir," thuirt e.

Chan eil na bùird-fhiosrachaidh ge-tà, ag innse cò dha-rìribh a rinn am murt.

"Tha e coltach gu bheil teaghlaichean anns an Apann, ann an Duror agus taobh Loch Èite aig a bheil fios cò rinn am murt seo, ach chan eil fios aig duine cò e bhon cha bhruidhinn na daoine sin gu siorraidh tuillidh," dh'innis Iain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile