Cumhachdan ùra gan iarraidh airson nan eilean

Tha na trì comhairlean eileanach a th' ann an Alba ag iarraidh tuilleadh chumhachdan.

Thuirt Comhairlean Shealtainn, Arcaibh agus nan Eilean Siar gu feum feart nas motha a thoirt do fheumalachdan mhuinntir nan eilean.

Tha seo a' tighinn is referendum neo-eisimeileachd na h-Alba gu bhith ann an ath-bhliadhna.

Thèid faighneachd do dhaoine: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?"

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil seo am measg nan amannan as cudthromaiche dha na h-eileanan bho chaidh na comhairlean eileanach a stèidheachadh ann an 1975.

Bha e ag ràdh: "tha cothrom aig na comhairlean eileanach barrachd chumhachdan fhaighinn gus a thighinn gu co-dhùnaidhean a bhios gu buannachd eaconomaidhean agus muinntir nan eilean."

Tha smachd air grunnd na mara agus ceanglaichean dealain am measg na dh'iarradh na comhairlean.