Loch Baghasdail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cha toirear air uachdarain fearann a reic

11 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, nach bi e idir a' stèidheachadh lagh a bheireadh air uachdarain am fearann a reic an aghaidh an toil.

'S e na gheall Mgr Salmond, aig co-labhairt bhliadhnail Fearann Coimhearsnachd na h-Alba aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach air an deireadh sheachdain, gum bi millean acair de dh'fhearann na h-Alba an sealbh choimhearsnachdan ron bhliadhna 2020, agus lagh nas sìmplidh 's tuilleadh airgid son sin a thoirt gu buil.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.