Karen Darke ann an tubaist

Tha an lùth-chleasaiche Paralimpigeach Karen Darke, a tha stèidhichte an Inbhir Nis, anns an ospadal as dèidh dhi bhith ann an tubaist ann an Cumbria.

Bha Darke, a fhuair bonn airgid anns an deuchainn-ùine H1-2 aig Lunnainn 2012, a' trèanadh faisg air Penrith Dimàirt a chaidh nuair a bhuail càr innte.

Tha dùil gun bhuail càr an làmh-sagail aice bho a cùlaibh.

Ghoirtich i a gàirdean, a h-amhach agus a giulainn.

Tha i ann an Ospadal Chumberland.

Cha deach an dràibhear, fireannach 57 bliadhna a dh'aois à Penrith, a ghoirteachadh ann.

Tha Poilis Chumbria a' sgrùdadh na cùise.

Tha Darke, 41 bliadhna a dh'aois a rugadh ann an Halifax, air a bhith stèidhichte air a' Ghàidhealtachd airson grunnan bhliadhnaichean.

Chaidh a fàgail gun lùths fo a broilleach nuair a bha tubaist aice a' streap nuair a bha i 21.