Corp ann am marbhlann "beò"

Tha sgrùdadh ga dhèanamh as dèidh mar a sheall corp a bh' ann am marbhlann Ospadal an Ràthaig Mhòir "comharran gun robh e beò".

Bha am fireannach air tuiteam far Dhrochaid Cheasaig Dihaoine.

Chaidh oidhirpean a dhèanamh cobhair a dhèanamh air, ach chaidh co-dhùnadh gun robh e marbh.

Thug neach-adhlacaidh an corp chun an ospadail an uair sin, far an do mhothaich luchd-obrach do "chomharran gun robh e beò".

Chaidh co-dhùnadh a-rithist gun robh e marbh ge-tà.

Rannsachadh

Tha Neach-casaid a' Chrùin agus NHS na Gàidhealtachd a' rannsachadh na cùise.

Nì Seirbheis Charbadan-eiridinn na h-Alba ath-sgrùdadh cuideachd.

Thuirt neach-labhairt gun robh an duine anns an uisge airson deagh ghreis, agus gun do rinn luchd-obrach a' charbaid-eiridinn a h-uile oidhirp airson a thoirt timcheall.

Bha e cuideachd ag ràdh: "Chaidh deuchainnean a dhèanamh - deuchainnean cridhe nam measg - agus chaidh co-dhùnadh gun robh an t-euslainteach marbh.

"As dèidh làimh, fhreagair carbad-eiridinn gairm 999 gu marbhlann an ospadail, còmhla ri sgioba grèim-cridhe."

NHS na Gàidhealtachd

Thuirt NHS na Gàidhealtachd: "Thèid rannsachadh a dhèanamh le Neach-casaid a' Chrùin, mar a bhios a' tachairt le bàs obann.

"Tha sinn fhìn a' dèanamh sgrùdaidh cuideachd, mar a bhios a' tachairt ann an suidheachaidhean mar seo.

"Gus an tèid sin a dhèanamh, chan urrainn dhuinn an còrr a ràdh".