Tubaist-rathaid mhairbhteach ann an Uibhist

Bhàsaich fireannach an dèidh do chàr bualadh ann ann an Uibhist a Tuath, tràth madainn na Sàbaid.

Bha Ivan Dòmhnallach, 33, a' coiseachd ris an rathad mu 200 meatar tuath air Talla Chàirinis.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm chun na làraich air an A865, ach cha b'urrainn dhaibh a shàbhaladh.

Bhuinneadh Mgr Dòmhnallach don Bhaile Shear, agus bha cliù aige mar phìobaire, 's e cuideachd air bòrd-stiùiridh Cheòlas.

Bha an rathad dùinte mu 12 uair de thìde fhad 's a bha poilis a' rannsachadh na thachair.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist mu 3:00f.

Chuir na Poilis impidh air duine sam bith a chunnaic na thachair, agus nach do bhruidhinn riutha fhathast, a dhol thuca.