Ceann Phàdraig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Na Seumasaich an Ceann Phàdraig

7 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha muinntir na h-Alba eòlach gu leòr air cluinntinn mu ar-a-mach nan Seumasach ann an 1745.

Ach chan eil uidhir de chuimhne ga chumail air an ar-a-mach a bh' ann deich bliadhna fichead ron sin ann an 1715.

Tha muinntir Cheann Phàdraig airson sin a chur ceart. 'S ann an sin a thàinig an "Old Pretender" Seumas Stiùbhart air tìr nuair a thill e às an Fhraing.

Thathas an-dràsta trang a' deasachadh airson na 300 bliadhna bhon uairsin a chomharrachadh ann an 2015.