Ospadal Inbhir Ghòrdain dùinte do dh'euslaintich ùra

Noro-bhìoras
Image caption Sgap am bhìoras san ospadal cheana air a' mhìos a chaidh.

Tha ospadal coimhearsnachd Inbhir Ghòrdain dùinte do dh'euslaintich ùra, 's tinneas dìobhart a' sgapadh ann.

Is coltach gur e Noro-bhìoras a th' ann, ged nach eil sin fhathast air a dhearbhadh.

Bha Ospadal Inbhir Ghòrdain, air taobh sear Rois, am measg grunn ospadail air a' Ghàidhealtachd air an tug an Noro-bhìoras buaidh air a' mhìos a dh'fhalbh.

Sheall deuchainnean gu bheil tinneas-dìobhairt a-nis air triùir euslainteach anns an ospadal, ged nach eil duine aca tinn leis an-dràsta.

Tha an uard a-nis duine do dh'euslaintich ùra.

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine gun a dhol a-steach dhan ospadal fad dà là às dèidh dhaibh faighinn seachad air tinneas-dìobhairt.

Thathas a' moladh do dhaoine air an tig e, fuireach a-staigh, pailteas uisge òl agus paracetamol a ghabhail airson fiabhras a chumail fo smachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile