Feamainn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Feamainn ga giollachd an Uibhist

5 An t-Ogmhìos 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gnìomhachas ùr ga chur air bhonn ann an Uibhist a Tuath a bhios a' giollachd feamad ann an cuaraidh.

Chaidh luchd-obrach aig a' chuaraidh a phàigheadh dheth bho chionn beagan bhliadhnachan.

A-nis bidh seachd cosnaidhean làn-ùine ann, agus bidh còig duine deug eile a' buain feamad agus ag obair air an ceann fhèin.

Thèid an fheamainn a thiormachadh le inneal a tha a' losgadh fiodh à coille faisg air làimh.

Tha tuilleadh aig Shona NicDhòmhnaill.